top of page

Air geàrr-liosta Duais Iomairt Coimhearsnachd

Duaisean Nàdair Alba 2016

"solarachadh:

Foghlam,

glèidhteachas,

slàinte,

turasachd"

  • Facebook

’S e loch mòr a tha ann an Loch Stiapabhat, ann an Nis, air ceann a tuath Eilean Leòdhais. Tha e eu-domhainn le doimhneachd mu thimcheall 5m agus 7m àirde os cionn na mara ann an àite a tha mu 2.5 heactairean. Tha an loch loma-làn de mathachas talmhainn, air sgàth ’s gainmheach cailceach a tha fodha, agus an drèanadh a tha a’ tighinn bho na croitean a tha timcheall an locha. Is e a-nis, Site of Special Scientific Interest (SSSI) a tha ann agus anns a’ bhliadhna 2005, chaidh a dhearbhadh gur e ‘Tèarmann Nàdair Ionadail’ a th’ ann san Loch, agus is e seo an aon àite leis an tiotal seo sna h-Eileanan an Iar.

​

Tha Àite-amhairc Nàdair san Tèarmann, a tha ga dhèanamh nas fhasa fiadh-bheatha na h-àite fhaicinn, don choimhearsnachd agus luchd-turais a bhios a’ tighinn a Leòdhas.

​

Ann an 2020, chuir Urras Oighreachd Ghabhsainn, a tha os cionn na h-oighreachd far a bheil Loch Stiapabhat, làmh ri pàipear le RSPB gus stiùireadh na h-àite a ghabhail thairis le chèile. Chaidh seo a dhèanamh oir bha gach buidheann den aon bheachd gum biodh e freagarrach le cumail suas agus stiùireadh an SSSI. Leis an aonta seo, bidh RSPB os cionn rannsachadh, sgrùdadh saidheansail agus coimhead às dèidh lusan agus na beathaichean a tha ann. A bharrachd air an seo, bidh aig RSPB soillearachadh so-mhaoinean an Teàrmann ann an dòighean foghlamaichte, saidheansail agus glèidhteachais. Bheir seo cothroman ùra do luchd-turais, a’ choimhearsnachd agus fiadh-bheatha an Tèarmann, leis an sgrùdadh agus stiùireadh a bhios air a dhèanamh le cuideam air a chuir air na buannachdan a tha ann do thraoin gu h-àraid, a tha ann an cunnart a dhol a-mach à bi air feadh an t-saoghail. Bidh Urras Oighreachd Ghabhsainn os cionn stiùireadh agus rianachd gu lèir agus cumail suas ionad-fasgaidh bheathaichean agus an slighe fiodha.

​

Ma tha sibh airson barrachd fiosrachaidh fhaighinn mu Loch Stiapabhat no mun Urras, na biodh eagal oirbh fios a chuir thugainn no a dhol chun làrach-lìn a tha gu h-ìosal.

​

​

Rudan eile

Àite-amhairc
Observatory
Birdwatching with tonyDuthchas 2018_3.jp
Ionnsaich
Learn
Outdoor session 2 2017_19.jpg
Thoir Tiodhlac
Donate
LNR (2).jpg
bottom of page