Àite-amhairc
Nature Observatory
Aig deireadh 2012, chaidh buidheann bheag stèidheachadh le Urras Oighreachd Ghabhsainn gus coimhead ris an aon Teàrmann Nàdair Ionadail sna h-Eileanan Siar (Loch Stiapabhat ann an Nis) gus ath-bheòthachadh a dhèanamh air an làrach is gun robh e nas fhasa faighinn thuige don choimhearsnachd agus luchd-turais. Sa phròiseact, bha an dùil tèarmann nàdair a chruthachadh gus cumail ris an làrach breagha agus a chuidicheadh leasachadh turasachd fiadh-bheatha san sgìre.
B’ e daoine a bha a’ fuireach gu h-ionadail agus a’ cleachdadh an ionad-fasgaidh aig na h-eòin a bha sa bhuidheann a chaidh a’ stèidheachadh agus feadhainn aig an robh ùidh ann am fiadh-bheatha aig an teàrmann. Le cuideachadh bhon bhuidheann, chaidh pacaid maoineachaidh fhaighinn gus teàrmann ùr thogail agus slighe fiodha. Chaidh post dà-chànanach a chuir suas cuideachd ann am Beurla agus Gàidhlig gus cumail ri poileasaidh ùr-ghnàthach an teàrmann ùr.
Bha cosgais a’ phròiseict mu £40,000 agus air a mhaoineachadh le RSPB, LEADER, SNH, UOG agus The John Muir Trust. Thòisich an obair anns an Lùnastal 2013 agus chrìochnaich cuisean anns an Dùbhlachd. Rinn ‘OH-MEET’ an obair air an teàrmann, le sianar air fhastadh airson 5 mìosan airson na h-obrach a dhèanamh, tro sgeama cosnaidh Comhairle nan Eilean Siar.
Bu mhath leinn taing a thoirt gu na daoine a bha ag obair, luchd-maoineachaidh agus daoine a dh’obraich gu saor-thoileach gus cuideachadh leis a’ phròiseict seo. Cha bhiodh teàrmann ann mura biodh taic ann bhon h-uile neach agus na buidhnean seo.
Dh’fhosgail an teàrmann nàdair gu h-oifigeil sa Ghiblean 2014 le Roy Dennis, MBE. ’S e buannachd air leth a tha san àite-amhairc don Teàrmann Nàdair Ionadail agus don oighreachd.
Bhidio latha fosglaidh - 12mh den Giblean 2014.
Duaisean Nàdair na h-Alba
Nature of Scotland Awards
The Nature of Scotland Awards are designed to recognise and celebrate excellence, innovation and outstanding achievement in Scottish nature conservation.
We were very pleased to have been shortlisted for this award and congratulate the winners, Concrete Garden – Growing Together. Our project is important from a social, environmental and economic perspective and we wanted to recognise the commitment of the volunteers who have been involved in establishing this excellent facility on this world class site at Loch Stiapabhat Local Nature Reserve.
Click on the link below for more information about the awards.
Air Geàrr-liosta Duais Iomairt Coimhearsnachd
An urrainn dhut ar cuideachadh?
Interested in helping?
Find out how you can donate here
or Visit the LNR yourself >