top of page

Mu dheidhinn Loch Stiapabhat

About Loch Stiapabhat

 

Tha Loch Stiapabhat gu math cudromach do chromain de eòin inntinneach airson biadhachadh as t-earrach agus tron fhoghair air sgàth ’s gu bheil an loch air cùrs an t-slighe chun Artaig. Nam measg seo tha Eala Bhàn, Lach Bheag, Glas-Lach agus Gèadh dearg-chasach. Tha an loch cuideachd na àite do eòin a tha cudromach gu eadar-nàiseanta far am faigh iad an cothrom a bhith a’ neadachadh agus a’ biadhachadh a leithid Grailleag, Maor-cladaich, Feadag-bhuidhe agus Curracag. Gu eachdraidheil, b’ e Loch Stiapabhat an aon àite ann an Leòdhas far am biodh Gobhlan-uisge agus Cearc-uisge a’ neadachadh agus anns na bliadhnaichean a dh’fhalbh, bha an loch na dhachaigh dhan tuineachas eun as motha de faoileagan dhubh-cheannach a bha sna h-Eileanan Siar. Tha iad seo uile ge-ta air crìonadh ann an àireamhan air sgàth ’s mincean a’ marbhadh cuid sna beagan bhliadhnaichean bho dheireadh. Ann an suirbhidh a chaidh a dhèanamh sa bhliadhna 1986 chaidh a ràdh mun loch "an unbelievable density of three-spined Stickleback". Leis an seo, bha an t-uabhas bioragan-lodain a bha nan dìnnear do mòran de na eòin a bha a’ tighinn don loch.

As t-samhradh, cluinnidh tu an Traon os cionn talamh-feòir a tha mu thimcheall an locha a tha a laighe ann an Àite fo Dhìon Sònraichte (SPA) eadar Barabhas agus Nis a chaidh a chruthachadh gu h-àraid airson Traoin a dhìon. Tha am machair an uairsin cho breagha agus dathach le giolla-phì, rosg, clòbhar agus mogairleanam am measg an t-uabhas fhlùraichean eile a tha mun cuairt as t-samhradh.

Tha cuideachd fiosrachadh inntinneach àrc-eòlach mu Loch Stiapabhat oir tha cuid den bheachd gu bheil balaist de long Lochlannach na laighe ann. Chaidh a ràdh gun robh eilean aig ceann a tuath far a bheil an loch an-diugh a thàinig gu bith às dèidh àirde na mara èirigh aig àm linn-deighe. Às dèidh don deigh leaghadh, cha robh cuideam ann agus dh’èirich an talamh. Leis an seo, cha robh a mhuir cho fada staigh agus bha an Loch air a chruthachadh. Tha ainm Loch Stiapabhat a’ ciallachadh ‘loch airson tomadh no bogadh’ agus tha mòran den bheachd gur ann bho bogadh lìon mus tig obair air.

Ar Lèirsinn
Our Vision
 

Is e an lèirsinn aig Tèarmann Nàdair Ionadail Loch Stiapabhat adhartachadh is leasachadh a dhèanamh air an àite gus chleachdadh ann an dòighean cleasachail agus foghlamaichte dhan choimhearsnachd agus luchd-tadhail ach cuideachd ga dhìon gu nàdarrach leis am bith-iomadachd agus cho cudromach ’s a tha an loch dhan chultar.

Amasan airson Loch Stiapabhat
Aims for Loch Stiapabhat
  • Dèanamh cinnteach gu bheil Loch Stiapabhat glèidhte mar Tèarmann Nàdair Ionadail no inbhe coltach ri sin a bhios na bhuannachd do na daoine agus fiadh-bheatha. 

  • Cùm suas agus leasaich ma ghabhas a dhèanamh talamh-feòir/machair/boglach/talamh-fliuch/breunlach agus ‘fauna’.

  • A’ dèanamh cinnteach gu bheil an làrach a’ coimhead math agus gu bheil cumail suas air a dhèanamh gus nach bi caitheamh ann ri fhaicinn. 

  • Brosnachadh agus togail inbhe cudrom cultarail agus geòlasach an làraich le cuideachd suathadh air làraichean eile faisg air làimh. 

  • Solaraich goireasan freagarrach m.e. (Àite-amhairc Nàdair) agus cothroman cleasachail dha coimhearsnachdan agus luchd-turais. 

  • Thoir seachad mìneachaidhean and brosnaich cleachdadh an tèarmann, gu h-àraid an àite-amharc airson foghlam àrainneachdail.

  • Brosnachadh na coimhearsnachd gabhail ùidh san teàrmann. 

  • Dèanamh cinnteach gu bheil slàinte is sàbhailteachd ceart is iomchaidh aig an làrach agus an tèarmann fad an t-siubhal. 

  • Dèanamh cinnteach gu bheil goireasan freagarrach aig Loch Stiapabhat agus an làrach air a ghlèidheadh agus air a chumail na so-mhaoin don Urras, a’ choimhearsnachd agus an àrainneachd.

bottom of page